Scottish Blogs.com


Seachd searbh sgìth den SAA! via TirnamBlog.com February 4th, 2008 at 22:18

“I’m so tired of the USA”, be siud faclan na Clash ach sa Ghàidhlig là no dhà air ais. Sann aig Na Gathan a bha iad. Cha b’ann dhaibh faclan bhàrd mharbh bho chionn caogad bliadhna no còrr ach briathran Joe Strummer. Chluich Na Gathan mar phàirt de Turas Roc nan Cànan Ceilteach no Celtic Punk Connections. Tha iad air leth math cuideachd. Spòrsail, ceòlmhor is beòthail. Bha Oi Polloi mar bu dual, a’ dol eadar ceòl trom luath agus rudeigin na bu dannsmhòire is binn. Cha mhòr nach robh as seat’ aca gu lèir sa Ghàidhlig le òrain ùra Gàidhlig mar ‘Òigridh air na Sràidean’ is ‘Tha Sinn Air Ais’. Thug iad seachad leasan no dhà cuideachd mar ‘Gòrdon Brown – Pòg Mo Thon’. Olc a’ bhalaich, fèir olc. Mu dheireadh, bha sàr chomhlan...

Roc na Gàidhlig - breabadh is beothail an Dùn Eideann via TirnamBlog.com March 20th, 2007 at 19:29

Thòisich Oi Polloi is Là Luain air turas ‘Roc na Gàidhlig’ air Didomhnaich ann an Seana Bhaile na Smuid, prìomh bhaile ar dùthcha. Ann an àite teann, ach iomchaidh, ris an canar Henry’s Cellar Bar, chuir Là Luain air dòigh caibideal ùr ann an ceòl ùr na Gàidhlig. Tha iadsan a’ cumail orra far na sgùir Mill a h-Uile Rud agus gu dearbh fhèin nach robh sinn eòlach air cuid de na h-òrain a chaidh cluich? Nach math siud ge-tà, bha iad beòthail is fonnmhor is Gaidhealach gu cul san nòs ùr.Bha Oi Polloi air ghleus. Fìor dheagh mheasgachadh de òrain, tòrr anns a’ Bheurla bho na bliadhnaichean a chaidh seachad – an e siud 25 bliadhna a-nis? – ach an fheadhainn as ùire agus as ùidheile sa chànan againn fhìn. Mar bu dual is bu nòs, bha fèill mhòr air...