Scottish Blogs.com


Gearan na mìos-sa – a’ cur às mo chorp mu…..! via TirnamBlog.com October 12th, 2008 at 11:42

Carson a tha e an comas dhomh bhideoan de dheasbadan mòra agus beaga fhaighinn air làrach a’ BhBC an seo ann an Iapan air cùisean Amearaganach, is air cùisean eadar-nàiseanta eile, ach nach eil e an comas dhomh dad sam bith fhaighinn air cùisean Albannach? Chan eil dad “ri fhaotainn” far a bheil mi. Tha bacadh air na bhideoan Albannach uile cha mhòr ge b’e gur e BBC Alba no BBC Scotland a th’ annta. Nach iad cùisean eadar-nàiseanta a th’ anns na bhios a’ tachairt anns a h-uile ceàrnaidh dhen t-saoghail? Tha sinn faighinn bhideoan air làrach a’ BhBC air a h-uile rud beag bìdeach de na tha tachairt ann an iomairt cinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte. Faodar ionnsachadh gun do “phioc Obama a shròin a-raoir”, no gun deach McCain chun taigh-bheag co-dhiù 13...