Scottish Blogs.com


Oilthigh a-rithist… via TirnamBlog.com September 13th, 2008 at 09:53

Tha mi air mo Cheum BA fhaighinn ann an Gàidhlig agus Iomall a’ Chuain Siar agus tha mi gu bhith a’ tòiseachadh Ceum BA (le Urraim) ann an Gàidhlig agus Leasachadh an ath-sheachdain ach cha bhi mi a’ dol air ais dhan t-Sabhal. Bidh mi a’ gluasad gu Èirinn Diciadain gus ’semester’ a dhèanamh aig [...]...

Comhradh sa Ghaidhlig via An dèan seo an gnothach? July 17th, 2008 at 16:04

Comhradh sa Ghaidhlig hosted by steafan28.Join nowChat about what's on your mind. More about public...

Nòs Ùr - Farpais Òrain Roinneil Mhion-chànain via TirnamBlog.com May 27th, 2008 at 10:21

Farpais Òrain Roinneil Mhion-chànain 21 Óg-mhìos 2008 Taigh-cluiche Eden Court Inbhir Nis, Alba Thèid co-fharpais chudromach a chur air bhog an seachdain seo, a’ comharrachadh òrain bho choimhearsnachdan mhion-chànain Ceilteach agus Albais. Tha ‘Nòs Ùr’ an dùil air òrain a chuir a-steach sa Ghàidhlig, Albais, Ulaidh Albais, Gàidhlig Èireannach, Gàidhlig Mhanainneach, Cuimreach, Còrnach agus Breaton. Thèid an neach-buannachaidh troimhe gu...

Na Gathan - Gus an Tig an Latha via TirnamBlog.com May 5th, 2008 at 19:49

Tha mi air a’ bhidio ùr aig Na Gathan a chur air an làrach-lìn agam....

Naidheachdan Phinc via TirnamBlog.com February 25th, 2008 at 14:40

image Tha mi air làrach-lìn ùr a chruthachadh. ‘S e Naidheachdan Phinc an t-ainm a th’ air agus ’s e amas an làrach-lìn naidheachdan bhon t-saoghal GLBT fhoillseachadh anns a’ Ghàidhlig. Bu toigh leam an làrach-lìn a dhèanamh ann an Gaeilge agus Gaelg cuideachd ach ma tha thu fileanta ann an Gaeilge neo Gaelg agus deònach air cuideachadh a thoirt dhomh, cuiribh fios thugam. Naidheachdan......

Tùras Ròc nan Cànan Ceilteach 2008 via TirnamBlog.com February 5th, 2008 at 21:47

Seo agaibh bhidiothan bho Na Gathan a’ cluich sa Spirit Bar, Glaschu. “Ruigidh Sinn Mars”  “Mo Nighean Dubh Bhoidheach” “Cò an sradag a-nochd?” “Cho Seachd Searbh dhe na SAA!” (òran a’ Chlash)...

Tùras Ròc nan Cànan Ceilteach 2008 via TirnamBlog.com January 24th, 2008 at 13:49

image ...

Sgeulachd Bheag, Poileataigeach via TirnamBlog.com July 12th, 2007 at 06:40

image Chunnaic mi an sgeulachd seo ann an litir “chain” a fhuair mi mar post-dealain (’sa Bheurla) an-uiridh. Smaoinich mi gun robh e gu math èibhinn (ach is docha gu bheil am poileataics agaibh eadar-dhealaichte ). Rinn mi eadar-theangachadh, agus dh’innse mi an sgeulachd aig tachartas Gàidhlig no dhà. Tha an sgeulachd sgriobhte fon-a-seo, ach nach èisdibh sibh ris an audio an toiseach? Ruairidh A Bheil Ceann-Suidhe Bush Ann? Aon latha, anns a’ bhliadhna 2009, chaidh seann duine chun gheata air beulaibh an Taigh Ghil ann an Washington, D.C. Thuirt e “A bheil Ceann-Suidhe Bush ann? Tha mi ag iarraidh bruidhinn ris.” Fhreagair an saighdear a bh’aig a’ gheata, “Chan eil e an-seo. Chan eil e ann tuilleadh.” “Ceart, ma tha”, thuirt an seann duine, agus...

Mu mo Dheidhinn, ’s mo Bhlog via TirnamBlog.com July 4th, 2007 at 05:29

image Is mise Rudy Ramsey. Tha mi a’ fuireach ann am Parker, Colorado, anns na Staitean Aonaichte. Thoisich mi Gàidhlig a dh’ionnsachadh o chionn mu dheich bliadhna. Tha coimhearsnachd bheag de luchd-ionnsachaidh Ghàidhlig ann an-seo, agus innsidh mi dhuibh mu a deidhinn uaireagan. Chur mise ’s mo bhean turus ann an Alba thugainn fhìn ann an 1992, mar thiodhlac airson ar coig-air-fhicheadaimh ceann-latha phosaidh. ‘S toil leam a radh gun do thachair mi ri ceòl cealteach agus uisge-beatha air an turus sin, agus tha e air bhith fiamh-ghàire orm fad na tìde o chionn sin, ach chan eil sinn cinnteach de dhiubh a tha na h-aobhar. Bha mi a’ seinn anns an fhras fad beagan bliadhnaichean, nuair a chur mi romham gun robh an t-àm air tighinn a bhith ga...

Roc na Gàidhlig - breabadh is beothail an Dùn Eideann via TirnamBlog.com March 20th, 2007 at 19:29

Thòisich Oi Polloi is Là Luain air turas ‘Roc na Gàidhlig’ air Didomhnaich ann an Seana Bhaile na Smuid, prìomh bhaile ar dùthcha. Ann an àite teann, ach iomchaidh, ris an canar Henry’s Cellar Bar, chuir Là Luain air dòigh caibideal ùr ann an ceòl ùr na Gàidhlig. Tha iadsan a’ cumail orra far na sgùir Mill a h-Uile Rud agus gu dearbh fhèin nach robh sinn eòlach air cuid de na h-òrain a chaidh cluich? Nach math siud ge-tà, bha iad beòthail is fonnmhor is Gaidhealach gu cul san nòs ùr.Bha Oi Polloi air ghleus. Fìor dheagh mheasgachadh de òrain, tòrr anns a’ Bheurla bho na bliadhnaichean a chaidh seachad – an e siud 25 bliadhna a-nis? – ach an fheadhainn as ùire agus as ùidheile sa chànan againn fhìn. Mar bu dual is bu nòs, bha fèill mhòr air...